mu...

Chaidh West Highland Animation a stèidheachadh ann an 1988 le Leaslaidh NicCoinnich, an Riochdaire/Stiùiriche, ann an Gleann BhothChuidir. Tha WHA airson cànan agus cultar na Gàidhlig a leasachadh agus a thoirt fa chomhair àireamh as motha dhen t-sluagh, tro mheadhanan beò-dhealbhachd agus eadar-obrachaidh.

Bidh WHA a' cur air chois bhùthan-obrach sa choimhearsnachd a tha a' chuireas sgeulachdan ionadail fa chomhair sgoilearan is inbheach tro bheò-dhealbhachd. Tha sinn cuideachd air sreathan telebhisein a dhèanamh dha BBC Alba, dha STV agus dha Grampian. Tha sinn cuideachd air duaisean film nàiseanta agus eadar-nàiseanta a bhuannachadh, nam measg, duaisean airson phrògraman foghlaim. A bharrachd air an seo, chaidh filmichean WHA a shealltainn aig fèisean beò-dhealbhachd air feadh an t-saoghail, bho Annecy gu Zagreb.


 

 

the willing piper

 
 

Copyright © 2012 West Highland Animation