Treòrachadh. Còmhdhail phoblach: As t-samhradh bidh busaichean a’ tighinn gach latha bho Dhùn Èideann sa mhadainn agus a' tilleadh anns an fheasgar. Bho Ghlaschu bidh busaichean is trèanaichean a’ dol gu Crìochan Làraich far am faodar do thogail ma tha thug a iarraidh. Air mhodh eile, tha busaichean a’ dol tro Shruighlea is tro Chalasraid gu ceann-rathaid Bhoth Chuidir aig Taigh-òsta an Rìgh (ann am Both Chuidir, chan ann ann an Gleanna Comhann) air an A84. Tha seirbheis thagsaidhean a’ ceangal ris na seirbheisean bhusaichean seo a’ ruith suas gleann Bhoth Chuidir is bheir e gu Monachul Mòr thu (fòn 01877-384-740 gus dol thairis air a’ chaol ann am bàta) no gu dìreach gu Monachul Tuarach agus studio Dealbhan-beò Taobh an Iar na Gàidhealtachd. |
||||
