past projects
 
 

farpais na h-òigridh...

Còig sgeulachdan fuadain bho Ghàidhealtachd is Eileanan na h-Alba air an toirt thugaibh le Karen Mhoireasdan na Tagaidh an Taghan.

FILM 1 - Mar a Fhuair MacLeòid a Bhùird
Uaireigin, bha fuamhairean is sìthichean ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach. Chan eil sgeul orra an-diugh, ach tha dà bheinn ann, gach tè gun ghob, ris an canar Bùird MhicLeòid. Ciamar a chaill na beanntan seo na goban aca?
  

FILM 2 - Mac a’ Ghobhair
Tha seann fhàidheadaireachd air a coileanadh nuair a tha leanabh a chaidh a thrèigeadh dhen bheachd gur e mac gobhair a th' ann.

FILM 3 - Clach an Fhithich
Tha nighean de Chloinn an Tòisich agus balach de Chloinn Phearsain a' tuiteam ann an gaol, ach tha nàimhdeas eadar an dà chinneadh. Ach nuair a lorgas iad clach sheunta an fhithich, chan eil duine ann a chumas bho chèile iad.

FILM 4 - Dubh Sìth
Cha robh duine ga shùileachadh, ach tha ceann-feadhna cumhachdach a' call an aghaidh troich fìor bheag.

FILM 5 - Gille na Cochla Craicinn
Tha turas Fhinn gun eilean chunnartach, Eilean nam Muc, a' dol gu math air sgàth chumhachdan seunta Gille na Cochla Craicinn.

Airson dhealbhan eile bhon t-sreath seo, brùth an seo.

the raven stone

the boy in the deer skin hood

how Macleod got his tables

goatkid

 

black fairy

 

 
 

Copyright © 2007 West Highland Animation