past projects
 
 

dualchas na cloinne air an rathad...

Mion-chultaran an guaillibh a chèile

Mar phàirt de Bhliadhna Cultar na Gàidhealtachd 2007, tha West Highland Animation a' dol air thuras le taisbeanadh de bheò-fhilmichean, de gheamannan agus de choimigean a tha a bheir uirsgeul is seanchas na Gàidhealtachd fa chomhair nan daoine ann an dòigh a chòrdas ris a h-uile duine!

Tha sinn a' toirt cuireadh dhuibh gu PRÒGRAM CARTÙN uair a thìde, far an tèid iarraidh oirbh bhòtadh airson na Sgeulachd Fuadain as motha  a chòrdas ribh de dhà dhiofar ghnè:

Seanchasan bho threuban Ìnnseanach - a' tighinn thugaibh le fear-brèige, Tormod MacGill-Eain.

Seanchasan bho Ghàidhealtachd na h-Alba - dealbhan, beòthachadh agus guthan bho òigridh na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus a' tighinn thugaibh le Tagaidh an Taghan.

Thèid bhòtaichean na Gàidhealtachd s’s nan Eilean a chur ri bhòtaichean bho na treubhan Ìnnseachan agus ri bhòtaichean nan Àisianach Breatannach.Thèid duaisean a thoirt don fheadhainn a bhuannaich aig Fèis Fhilmichean Inbhir Nis san t-Samhain 2007.

Tha sinn cuideachd air taisbeanadh a dhèanamh de dh'obair ealain bho na filmichean gu lèir.

Tha an turas agus an tasbeanadh seo maoinichte le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Leader+, Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròiseachan agus le Seirbhisean nam Meadhanan Gàidhlig. Chaidh taic fhaighinn bho ChNAG agus bho Highland 2007.

Tha seallaidhean airson an luchd-coimhead threubhaich anns na h-Ìnnseachan maoinichte le Urras Cathrannach Bryan Guinness, agus tha iad air an cur air dòigh leis a' bheò-dhealbhadair, Tara Douglas. Tha a' mhaoin Awards for All a' toirt taic do sheallaidhean airson luchd-coimhead Àisianaich ann am Breatainn le tabhartas do Urras Ealain Adivasi.

Brùth an seo airson dhealbhan bhon turas

 

piney the pine marten

goatkid

raven stone

 
 

Copyright © 2007 West Highland Animation