gog gog...

Tha an croitear air ruith a-mach à tombac airson a phìoba. Chan fhaigh e an còrr mura pàigh e air a shon le sia uighean, ach chan eil aige ach còig. Gu mì-fhortanach, chan eil a’ chearc aige airson a chuideachadh, agus tha fealla-dhà gu leòr ann, agus e a' ruith às dèidh na circe. Tha am bodach fiù’s a' tòiseachadh air a' chuisle-chiùil gus an t-eun a thoirt thuige fhèin!

B' ann à Tiriodh a thàinig an sgeulachd seo, agus bha clann às an eilean ag obair air leasachadh an fhilm. Chaidh a dhèanamh mar phàirt dhen t-sreath “Bog Fliuch” aig WHA ann an 1998.

 

sgeulachdan

 

 

 

 
 

Copyright © 2011 West Highland Animation